Briathra-Amhran-Ceol


Ann am briathran Roger Hutchison, Deasaichte Gazette Steornabhaigh, "Mar a
chithear anns na sanasan telebhisein, tha laithean-saora ann an Alba, a'ciallachadh a' Ghaidhealtachd no na h-Eileannan.  Ach, tha barrachd air beanntan agus glinn fhalamh ri lorg an sin. Tha daoine fhathast an comhnaidh ann aig a bheil canan, dualchas, spors agus doigh-beatha a tha eadar-dhealaichte agus a tha air leth priseal dhaibh agus a tha gan sonrachadh bhon t-Saoghal Mhor".

Ma tha Roger Hutchison ag aideachadh sin, tha e a' gabhail ris nach biodh a' Ghaidhealtachd agus na h-Eileannan leth cho tarraingeach do luchd-tadhail as aonais an dualchas phriseal seo. Tha Briathra-Amhran-Ceol a' cleachdadh na Gaidhlig gus canan agus cultur nan Gaidheal a bhrosnachadh agus an dualchas phriseal seo a dhion.

Anns a' Bheurla, tha Briathra-Amhran-Ceol, gu litireil, a'ciallachadh, 'Words-Song-Music' ach, ann an Gaidhlig shiubhlach, canamaid Words, Music and Song. Is e seo an aon larach-lin tha a' cleachdadh na Gaidhlig agus, gu sonraichte, ceol na Gaidhlig, gus airgead a thogail airson an canan a bhrosnachadh agus a cumail tearainte.

Is ann bho na seann chruinneachaidhean de dh' orain Gaidhlig Dhomhnaill Rois a Bruthaichean Ulapuil a chaidh a chur ri cheile agus a mhargaidheachd roimhe, a thainig am beachd-smuain airson an larach-lin seo. Tha prothaid sam bith a thig bho na claran seo air a chur gu feum ann a bhith a' brosnachadh na Gaidhlig aig ire ionadail le bhith toirt seirbhis taice do dh'obair na sgoile. Tha an t-airgead seo a' brosnachadh a' chanain tro fhoghlam Gaidhlig aig ire coimhearsnachd airson nan ginealachan ri teachd, coir is ceartas a fhuaireas le stri, airson ar cuid chloinne.

Chaidh an cruinneachadh de stuth claraichte a bh'againn ann an Ulapul a leudachadh gus barrachd luchd - ciuil seann agus og a thoirt a-steach. Ann a bhith a' ceannachd bhon larach-lin seo tha sibh a' cur taice ri Gaidhlig oir tha am prothaid air fad a' dol ri taic dhan chanan.

Tha farsaingeachd de cheol ri lorg an seo bho cheol thradiseanta, gu Avant Garde. Faodaidh ceol ionnsramaideal no oran a bhith ann. Faodaidh e bhith ann an Gaidhlig no canan sam bith eile cho fad sa tha an luchd-ciuil toilichte gun teid na prothaidean a chur ri brosnachadh na Gaidhlig.

Tha Briathra-Amhran-Ceol ri fhaighinn ann an tri diofar chruthan.

1)   Faodaidh tu piosan ciuil mp3 a cheannachd air loidhne agus am faighinn anns a' bhad. Leis an t-siostam seo, faodar aon oran no pios ciuil a thaghadh aig cosgaisgu math saor an aite an clar a cheannachd.

2)   Mas toigh leat na piosan ciuil a thaghas sibh air mp3 agus ma tha thu airson tuilleadh dhen stuth aig an neach-ciuil sin a chluinntinn, faodaidh sibh an uairsin an clar a cheannachd  air-loidhne aig cosgais nas isle na bhiodh ann airson gach pios a chlaradh fa leth air mp3.

3)   Tha taghadh nas fharsainge de chlaran againn air-loidhne, ged nach eil iad ri fhaighinn air mp3 ach, a tha a' toirt thugad an ceol Gaidhlig as fhearr. Faodar torr de na claran sin a cheannachd bho aiteachdan eile ach, se an t-eadar dhealachadh as motha - gun teid prothaidean na larach-lin gu brosnachadh na Gaidhlig.

Tha sinn an dochas gun cord na faclan agus na h-orain ribh agus gum bi sibh air ur brosnachadh gus an ceannachd, le fios a bhith agaibh gu bheil  sibh a' toirt deagh thaic don chanan agus don chultur anns am bheil iad air am freumhachadh agus as an t ainig iad o thus.

Featured Artist(s)




James Graham



Calum Kennedy & Alasdair Gillies


Buth


Clar-innsidh


Cuireadh: Faodaidh e a bhith gu math duilich no eadhan do-dheanta, ceòl, òrain, rosg no bàrdachd ann am mion-chànan fhaighinn ann an clò.  Ged a tha gu leòr sgrìobhadh ùra Gàidhlig ann agus ceòl ùr a nochdadh bho àm gu àm, tha glè bheag de dh’ òrain ùra Gàidhlig air togail ceann ann am modhan an là an diugh mar trans, dannsa, hip hop agus mar sin air adhart. A dh’aoindeoin seo, chan eil adhbhar sam bith ann nach fhaodadh blas na Gàidhlig a chur air a leithid, cheart cho furasta sa bhiodh e òran luathaidh a chur ri chèile.

A bharrachd air a bhith a’ brosnachadh luchd ciùil tradiseanta agus feadhainn an là an diugh, tha BAC airson tàlantan òigridh an là an diugh  mar luchd ciùil, seinneadaran agus sgrìobhadairean a bhrosnachadh cuideachd as bith de a modh anns a bheil e nochdadh.  Tha sinn deònach a bhrosnachadh gu bith de an cànan anns a bheil e cho fad sa tha luchd ciùil toilichte gun tèid pàirt den phrothaid a chur gu brosnachadh na Gàidhlig.  B’urrainn ceòl sam bith a chur thugainn ann an cruth clàir no mp3.  Feumaidh  sgrìobhadh sam bith a bhith air faidhle PDF.  Nì sinn cinnteach gum faigh sibh dleas-ùghdair air a shon, ma tha sibh ga iarraidh.  Cuir fon thugainn air 01854 622 448 no cuir post dealain thugainn aig AmhranCeol@aol.com airson tuilleadh fiosrachaidh.